Spòrs

Latest updates

  1. Làmh an uachdair aig Brùra an Lìog na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 10:15 TSB 9 An Giblean

    Pàirc BhrùraTùs an deilbh, SNS

    Ghabh Brora Rangers ceum mòr a dh'ionnsaigh Lìog na Gàidhealtachd a bhuannachadh oidhche Chiadain nuair a rinn iad an gnothach air Brechin City 2-1.

    Chuir Seumas MacAnndrais Brùra air thoiseach bhon spot sa chiad leth is bha coltas dubhach air gnothaichean do Bhrechin nuair a chaidh Calvin Beattie a chur far na pàirce le beagan is 20 mionaid air fhàgail.

    A dh'aindeoin sin, bha Fir na Callaid co-ionnan às dèidh 80 mionaid le tadhal bho Mitch Taylor.

    Ach le dìreach diogan air fhàgail, chuir Connall Ewan am ball dhan lìon do Bhrùra is e air faileachadh air Brechin breab-saor a chlearadh.

    Cha ghabh am post X seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air X
    Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
    Leum thairis air X teachdaireachd le Carl A

    Cead do stuth X?

    Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

    Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
    Deireadh X teachdaireachd le Carl A

    Chrìochnaich e 2-1 is Brùra is Brechin a-nise co-ionnan aig mullach na lìge air 74 puingean ach na Cataich air thoiseach air tadhail.

    Thèid Brùra a Hunndaidh Disathairne air an là mu dheireadh is Brechin air falbh an aghaidh Turra.

    Bidh an sgioba a bhuannaicheas an lìog a' cluich play-off an aghaidh na sgioba a thogas Lìog na Galltachd.

    Aig an ìre seo tha sin eadar Bruach Chluaidh, Bonnyrigg, is Gleann Iucha.

    Bidh an sgioba a thig às a' phlay-off an aghaidh na sgioba a bhios aig bonn Lìog 2 is a h-uile coltas ann gur e Edinburgh City a bhios ann.

  2. SPÒRSCAST: Seusan ùr a' bhuill-coise ann an Uibhist agus Barraigh gus tòiseachadh air fhoillseachadh aig 08:08 TSB 9 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    San Spòrscast as ùire choinnich Javen Houston ri cluicheadair Saints an Iochdair, Dòmhnall MacEunraig agus Joe MacNèill a b' àbhaist a bhith na mhanaidsear aig Saints.

    Am measg a' chòmhraidh, thog na balaich air a' chothrom a th' aig Barraigh an siathamh tiotal sreath a chèile a bhuannachadh, dè cho làidir 's a bhios Saints an Iochdair am-bliadhna agus cò eile a dh'fhaodadh cupa a thogail.

    Cluinnear an Spòrscast gu lèir an seo.

  3. Taghadh Chupa MhicThàmhaisair fhoillseachadh aig 17:14 TSB 7 An Giblean

    Ceann a' Ghiùthsaich is Lòbhat sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais ann an 2025 aig Pàirc a' Bhucht.
    Fo-thiotal an deilbh,

    Rinn Ceann a' Ghiùthsaich a' chùis air Lòbhat sa chuairt dheireannaich ann an 2025

    Coinnichidh na seann nàimhdean A' Mhanachainn is Lòbhat sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais.

    Chaidh an taghadh a dhèanamh Dimàirt.

    Ged a tha A' Mhanachainn is Lòbhat san Lìog Nàiseanta am-bliadhna, tha an-còmhnaidh spàirn ann nuair a thèid iad an aghaidh a chèile.

    Bidh na Sgitheanaich aig an taigh an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich, ma 's e is gum faigh iad seachad air Cill Mhàilidh an toiseach, is bidh Cabar Fèidh aig an taigh an aghaidh a' Ghearasdain.

    Sa gheama eile, cuiridh Gleann Urchadain fàilte air Bàile Ùr an t-Slèibh, a' ciallachadh gun coinnich na sgiobaidhean a tha an-dràsta aig mullach na Lìge Nàiseanta agus na Prìomh Lìge.

    Tha an taghadh gu lèir mar a leanas:

    • An t-Eilean Sgitheanach/Cill Mhàilidh - Ceann a' Ghiùthsaich

    • A' Mhanachainn - Lòbhat

    • Gleann Urchadain - Baile Ùr an t-Slèibh

    • Cabar Fèidh - An Gearasdan

    Bidh na geamaichean ann Disathairne 25mh den Ghiblean.

  4. "Tha sinn dìreach ag iarraidh rudeigin a th' aig a h-uile duine eile"air fhoillseachadh aig 10:46 TSB 7 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Andreas Wolff ag aithris à Muile

    Tha iomairt a' dol ann am Muile gus talla ùr spòrs a thogail san eilean.

    Ged a thathar a' cluich spòrs ann an cuid de na tallaichean baile ann am Muile, tha iad seo ro bheag airson cuid de gheamannan.

    Tha na Muilich ag ràdh gur e an aon eilean mòr a th' ann aig nach eil goireas den t-seòrsa seo.

  5. "Leig sinn an luchd-taic sìos"air fhoillseachadh aig 08:07 TSB 6 An Giblean

    Dylan Easton a' dèanamh gàirdeachais às dèidh dha tadhal a chur 'son Raith Didòmhnaich an aghaidh ICTTùs an deilbh, SNS

    Thuirt manaidsear Chaley Thistle gun do leig an sgioba iad fhèin agus an luchd-taic aca sìos ann an cuairt dheireannach Chupa Dùbhlain na h-Alba.

    Bha Scott Kellacher a' bruidhinn is ICT air call 4-1 an aghaidh Raith Rovers Didòmhnaich.

    Chaidh sgioba Chair Chaladain air thoiseach sa chiad leth le tadhal bho Innes Camshron is Alfie Stiùbhart aig ICT air am ball a thoirt dha.

    Bha Inbhir Nis co-ionnan goirid às dèidh sin le breab-saor fìor mhath bhon Stiùbhartach.

    'S ann a bha Raith ro làidir san dàrna leth ge-tà, an Camshronach le tadhal eile is an uairsin a dhà bho Dylan Easton.

    "Briseadh-dùil mòr," thuirt Kellacher às dèidh a' gheama.

    "Cha do chluich sinn mar as urrainn dhuinn is leig sinn an luchd-taic sìos agus sinn fhin sìos.

    "'S e mearachdan bhuainn a thug dhaibh na tadhail is chan fhaigh thu às le sin an aghaidh sgiobaidhean bhon Championship."

    Thuirt Kellacher gu bheil e a-nise a' sùileachadh freagairt bho na cluicheadairean aige Disathairne seo tighinn nuair a chluicheas iad Stenhousemuir.

    Leum Stenny os cionn ICT gu mullach Lìog 1 Disathairne nuair a rinn iad an gnothach 3-0 air Hamaltan.

    "Geama fìor mhòr is ma tha sinn gus a dhol far a bheil sinn 'son a dhol, feumaidh sinn a bhith nas làidire," thuirt Kellacher.

    Bha fìor dhroch là aig sgioba eile na Gàidhealtachd Disathairne is Ross County a' call 4-0 aig an taigh an aghaidh Airdrieonians.

    'S e "an call as miosa ann an eachdraidh Ross County" a bh' ann a rèir a' mhanaidseir aca Stuart Kettlewell agus dh'fhàg e na Staggies aig bonn na Championship.

    Chan eil air fhàgail aca ach ceithir geamaichean lìge is iad a-nise ann an cunnart mòr a dhol sìos dà sheusan ann an sreath.

    Tha an ath gheama aca ann oidhche Haoine an aghaidh Queen's Park ann an Glaschu.

  6. Là math eile do Bhaile Ùr an t-Slèibhair fhoillseachadh aig 08:02 TSB 6 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Javen Houston le sùil air ais air Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Chinn Loch Seile, An Gearasdan an aghaidh Loch Abair, is Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Camanachd an Òbain

    Tha Baile Ùr an t-Slèibh a-nise sia puingean air thoiseach aig bàrr na Prìomh Liog ann an iomain nam fear is iad air an gnothach a dhèanamh air Camanachd an Òbain 2-0.

    'S e Iain Robinson a-rithist a chuir na tadhail dhan Bhaile Ùr is seachd aige-san mar-thà am-bliadhna.

    Bidh am Baile Ùr glè thoilichte gu bheil na geamaichean aca-san thuige seo uile air a dhol air adhart a dh'aindeoin na droch shìde a th' air a bhith ann, a' fàgail gu bheil cothrom air a bhith aca beàrn fhosgladh aig a' mhullach.

    Chuir an aimsir às dhan gheama eile a bha gu bhith ann sa Phrìomh Lìog Disathairne eadar Caol-Gleann is Caol Bhòid.

    Bha geamaichean gu lèor ann an Cupa MhicThàmhais ge-ta.

    Rinn Ceann a' Ghiùthsaich adhartas, ged a bha feum aca air tadhal bho Dylan Borthwick le deich mionaidean air fhàgail gus a' chùis a dhèanamh air Ceann Loch Seile 2-1.

    Bha là math eile aig a' Ghearasdan is iad troimhe 3-1 an aghaidh nan nàbaidhean aca, Loch Abar.

    Rinn iad an obair chruaidh sa chiad leth is iad 3-0 air thoiseach aig lethach slighe.

    Faochadh airson na Manachainn

    San dà gheama eile sa chupa rinn Gleann Urchadain an gnothach 5-0 san darbaidh aca-san an aghaidh Shrath Ghlais agus bha Cabar Fèidh cus ro mhath do dh'Inbhir Nis aig a' Bhucht, far an do shoirbhich iad 8-0.

    Bha aona gheama san Lìog Nàiseanta agus 's e clach-mhìle a bh' ann don Mhanachainn, a rinn a' chùis air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal 3-2.

    Creid e no nach creid, 's e seo a' chiad turas a bhuannaich a' Mhanachainn geama lìge bhon t-Sultain 2024.

    Bha iad air 21 geama lìge a chluich bhon uairsin gun buannachadh.

    Thug Stoirm Dave buaidh mhòr air iomain nam ban is dìreach aona gheama a' dol air adhart Didòmhnaich.

    Chrìochnaich an geama sin sa Phrìomh Lìog eadar Ceann Loch Seile is GMA co-ionnan 1-1.

    'S i Lorna NicRath a bha air an targaid 'son Chinn Loch Seile is Katie Drain a fhuair tadhal sgioba Ghlaschu.

  7. Kellacher: "Seo as coireach gu bheil sinn an sas ann am ball-coise"air fhoillseachadh aig 14:55 TSB 3 An Giblean

    Scott KellacherTùs an deilbh, SNS

    Thuirt manaidsear Chaley Thistle gu bheil seachdain fìor chudromach air thoiseach air a' chluba is gur e sin direach mar a dh'iarradh e.

    Cluichidh Inbhir Nis an aghaidh Raith Rovers ann an Glaschu Didòmhnaich sa chuairt dheireannaich de Chupa Dùbhlain na h-Alba.

    Bidh iad an uairsin air falbh an aghaidh Stenhousemuir air an ath dheireadh-seachdain is an dà sgioba a' farpais airson tiotal Lìog 1.

    "Seo as coireach gu bheil sinn an sas ann am ball-coise," thuirt Scott Kellacher.

    "Tha thu 'son a bhith an sàs ann an geamaichean mòra aig deireadh an t-seusain a tha a' cunntadh.

    "Tha cothrom againn cupa a bhuannachadh Didòmhnaich is an uairsin an ath-sheachdain Stenhousemuir - geama a tha cho mòr 's a ghabhas dhuinn".

    Chìthear a' chuairt dheireannach Didòmhnaich beò air BBC ALBA bho 4f.

    Aig an dearbh àm tha geama fìor chudromach aig Ross County Disathairne is iad aig an taigh an aghaidh an Àrd-Rèidh.

    Tha County an-dràsta san 9mh àite, puing air thoiseach air na Daoimeanan, is cruaidh fheum aig an dà sgioba air puingean ma tha iad 'son fuireach san Championship.

  8. Inbhir Ghòrdain a' tighinn a-steach gu Lìog na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 08:52 TSB 3 An Giblean

    Puist is lìonTùs an deilbh, Getty Images

    Thàinig dearbhadh gun tig Inbhir Ghòrdain a-steach gu Lìog na Gàidhealtachd an ath-sheusan is nach bi feum air geama play-off a chluich.

    Bhuannaich Inbhir Ghòrdain Lìog Chailleannach a' Chinn a Tuath bho chionn beagan sheachdainean is thàinig e am bàrr às dèidh sin gun robh iad air na ceumanan a tha a dhìth a choileanadh gus Cead SFA aig Ìre Entry fhaighinn.

    Tha feum air Cead Ìre Entry 'son cluich ann an Lìog na Gàidhealtachd.

    Cha robh e cinnteach aig an àm sin am biodh feum aig Inbhir Ghòrdain air geama play-off a chluich an aghaidh na sgioba aig bonn Lìog na Gàidhealtachd.

    Ann am brath, tha Lìog na Gàidhealtachd a-nise air dearbhadh nach bi feum air sin is gum bi ballrachd aig Inbhir Ghòrdain ann an 2026/27.

    Bha fios mar-thà gum biodh Brechin City a' fàgail Lìog na Gàidhealtachd aig deireadh an t-seusain seo, gu Lìog 2 air neo gu Lìog ùr na Galldachd an Ear.

    Tha e cuideachd cinnteach a-nise nach tig Elgin City sìos bho Lìog 2.

    Thuirt Lìog na Gàidhealtachd mar sin gun tig Inbhir Ghòrdain a-steach is gum bi 17 no 18 sgiobaidhean anns an fharpais.

    Bidh seo a rèir am faigh Brùra suas gu Lìog 2 anns na seachdainean ri thighinn.

    A thuilleadh air eachdraidh do dh'Inbhir Ghòrdain fhèin, bidh an naidheachd cuideachd na faochadh do Rathais.

    'S iadsan a bhiodh air cluich ann am play-off an aghaidh Inbhir Ghòrdain is cunnart ann gun tuiteadh iad a-mach à Lìog na Gàidhealtachd.

  9. Ball-coise ionadail air ais aig tuathair fhoillseachadh aig 11:50 TSB 2 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha ball-coise ionadail a' tilleadh aig tuath agus 's e an cuspair a tha fon phrosbaig san Spòrscast as ùire.

    Tha Javen Houston a' còmhradh ri Colin George Moireasdan is Ruairidh MacCarmaig mu ùrachadh is atharrachaidhean am measg nan sgiobaidhean an dà chuid ann an Leòdhas agus na Hearadh agus ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd.

    Gheibhear an Spòrscast gu lèir an seo.

  10. Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd air tòiseachadhair fhoillseachadh aig 07:27 TSB 2 An Giblean

    Thòisich seusan ùr Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Chiadain is rinn Port Rìgh a' chùis air Caol Acainn 2-1 gus cùisean fhaighinn gu dol.

    Tha aona gheama sa chlàr Disathairne is Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich gus fàilte a chur air a' Ghearasdan.

    Cluichidh sgioba ùr Loch Aillse a' chiad gheama acasan oidhche Mhàirt is Slèite is an Srath gus tadhal orra.

  11. Buaidh dhan Bhaile Ùr às dèidh brag bho Bhrannan air fhoillseachadh aig 09:54 TSB 30 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Calum MacIllinnein ag aithris air Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich is Lòbhat an aghaidh Ghlinn Urchadain

    Tha Baile Ùr an t-Slèibh ceithir puingean air thoiseach aig mullach na Prìomh Lìge ann an iomain nam fear is iad air a' chiad darbaidh Bhàideanach den t-seusan a bhuannachadh.

    Rinn aona thadhal a' chùis dhaibh aig an Eilean an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich - brag bho astar bho Declan Brannan aig fìor thoiseach a' gheama.

    Tràth 's ged a tha e san t-seusan ùr, 's e buille chudromach a bha seo bhon Bhaile Ùr is iad a' dèanamh a' ghnothaich air na nàbaidhean aca a-rithist, mar a rinn iad ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd aig deireadh seusan 2025.

    Cha robh ach aona gheama eile sa Phrìomh Lìog is an aimsir a' toirt buaidh.

    'S iad Cabar Fèidh a bhuannaich an geama sin 2-1 an aghaidh Loch Abair gus na ciad phuingean acasan den t-seusan a thogail.

    'S e dìreach aona gheama a bh' ann san Lìog Nàiseanta cuideachd is Lòbhat is Gleann Urchadain a' crìochnachadh 2-2, a' fàgail gu bheil cùisean mar a bha iad aig mullach na lìge.

    Ann an geamaichean eile a chaidh air adhart leum Camanachd Leòdhais gu mullach Lìog Tuath 2 nuair a rinn iad an gnothach 5-1 air Inbhir Nis aig a' Bhucht.

    Sin sia puingean à trì geamaichean aig na Leòdhasaich gu seo is iad air toiseach-tòiseachaidh iongantach math a dhèanamh.

    Rinn an droch shìde milleadh air clàr iomain nam ban ach san aona gheama a bh' ann sa Phrìomh Lìog rinn Gleann Urchadain a' chùis air Inbhir Nis 6-4.

    Thàinig trì de thadhail a' Ghlinne à Hazel Hunter.

  12. Ullachadh na h-Alba a' leantainn air thoiseach air Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 09:13 GMT 27 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ged a bha briseadh-dùil aig a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath is Poblachd na h-Èireann is uile iad a' call Diardaoin anns na geamaichean play-off aca gus Cupa na Cruinne a ruighinn, tha sùilean Steve Clarke is sgioba na h-Alba gu mòr air na Stàitean Aonaichte.

    Tha dà ghèama càirdeil aca a-nise anns na làithean ri tighinn is Alba gus cluich an aghaidh Iapan agus Côte d'Ivoire.

    Bidh Dòmhnall MacEunraig aig a' gheama an aghaidh Côte d'Ivoire.

    Tha esan ag ràdh gur e cothrom air leth a tha seo do Chlarke diofar rudan fheuchainn air thoiseach air Cupa na Cruinne.

  13. Spòrscast: "Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn feuchainn air coidse eile"air fhoillseachadh aig 08:16 GMT 26 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    San Spòrscast as ùire shuidh Javen Houston sìos le Calum MacNeacail agus Jamie Kieran gus bruidhinn mu iomairt sgioba rugbaidh na h-Alba ann am Farpais nan Sia Dùthchannan.

    Às dèidh do dh' Alba crìochnachadh san treas àite tha ceistean fhathast ann mu Ghriogair Townsend agus a dhreuchd os cionn na sgioba.

    Fhuair Calum agus Jamie cothrom bruidhinn air na clubaichean aca Warriors Ghlaschu agus Dùn Èideann cuideachd is astar mòr eadar an dà sgioba anns an URC.

    Cluinnear an Spòrscast gu lèir an seo.

  14. ICT an sàs an iomairt gus deuchainnean aillse a bhrosnachadhair fhoillseachadh aig 14:11 GMT 25 Am Màrt

    Pàirce ChaledonianTùs an deilbh, SNS

    Tha Caley Thistle Inbhir Nis air fear de na ciad chlubaichean ball-coise san dùthaich a tha air a dhol an sàs ann am pròiseact ùr feuch fireannaich a bhrosnachadh a dhol gu deuchainn airson aillse a' phròstata.

    Bidh tachartas sònraichte aca aig Pàirc Chaledonian Diciadain an 29mh den Ghiblean is cothrom aig fir eadar 40 is 80 bliadhna a dh'aois a dhol fo dheuchainn.

    'S e Iomairt Aillse Phròstata na h-Alba tha air cùl an sgrùdaidh is iad a' coimhead air mar a ghabhadh an siostam dheuchainnean is sgrìonaidh a th' ann a leasachadh.

    Cha bhi aig na fir ach ri sampall fala a thoirt seachad.

    Thèid toraidhean an sgrùdaidh a thoirt do NHS na h-Alba.

    Tha Caley Thistle ag ràdh gu bheil iad an dòchas gun tig tòrr fhireannach air adhart.

    Tha iad a' gealltainn cuideachd ticeadan airson an sgioba fhaicinn dhan a h-uile duine a nì deuchainn.

    "Chan e dìreach cluba ball-coise a tha seo - tha sinn mar phàirt mhòr den choimhearsnachd," thuirt Stiùiriche Coimeirsealta ICT, Anndra Benjamin.

    "Nuair a chunnaic sinn gun robh seo a' tachairt, shaoil sinn gun robh e air leth freagarrach dhuinn.

    "Tha iad ag amas air 25,000 fear a ruighinn agus mas urrainn dhuinne cuideachadh le dìreach pàirt bheag den sin bidh e na buannachd an dà chuid dhan phròiseact agus an luchd-taic a nì deuchainn."

    Faodar deuchainn a chur air dòigh an seo, taobh a-muigh.

  15. Taghadh Chupa Amaitearach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 09:46 GMT 23 Am Màrt

    Cupa Amaitearach na GàidhealtachdTùs an deilbh, Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd

    Chaidh na geamaichean a tharraing airson ìrean tràtha Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thog Coinneach MacLeòid air a' gheama eadar na nàbaidhean Càrlabhagh is An Taobh Siar mar an fhear as tarraingiche a thàinig às an ad.

    Tha na geamaichean aig sgiobaidhean nan Eilean Siar is sgiobaidhean Lìog Taobh Siar na Gàidhealtadhd mar a leanas:

    Roinn nan Eilean Siar: Ro-chuairt

    • Càrlabhagh - An Taobh Siar

    • Athletic Steòrnabhaigh - Èirisgeigh

    • Barraigh - Nis

    Roinn nan Eilean Siar: A' chiad chuairt

    • Uibhist a Tuath - Càrlabhagh/An Taobh Siar

    • Na Hearadh - Athletic Steòrnabhaigh/Èirisgeigh

    • An Rubha - Na Lochan

    • South End - United Steòrnabhaigh

    • Saints an Ìochdair - Am Bac

    • Barraigh/Nis - Beinn na Faoghla

    Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd: Ro-chuairt

    • An Slag Buidhe - Malaig

    • Graham Academicals - An Gearasdan

    Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd: A' chiad chuairt

    • An Slag Buidhe/Malaig - Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich

    • Caol Àcain - An Ràthaig Mhòr

    • Slèite is an Srath - An Tom Aiteann

    • A' Chananaich/Ferry United - Port Rìgh

    • Blackrock Rovers - Graham Academicals/An Gearasdan

    • Àird nan Saor/Gellions - GA United

    Gheibhear an taghadh gu lèir an seo, taobh a-muigh.

  16. Am Baile Ùr fhathast aig a' mhullachair fhoillseachadh aig 09:01 GMT 23 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Javen Houston ag aithris air Loch Abar an aghaidh Chinn Loch Seile, An Gearasdan an aghaidh Chaoil Bhòid, is Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Chabar Fèidh. Saoil an e buille-peanais a bh' ann?

    Neartaich Baile Ùr an t-Slèibh an suidheachadh aca aig mullach na Prìomh Lìge ann an iomain nam fear air an deireadh-sheachdain nuair a rinn iad a' chùis air na Sgitheanaich 3-0 ann am Port Rìgh.

    Chuir Iain Robinson na trì dhiubh is còig aige mar-tha air an t-seusan seo: toiseach-tòiseachaidh math gu ruige an 40 tadhal a dh'iarr Peadar Ros bhuaithe mus deach ball a bhualadh.

    Tha am Baile Ùr aig bàrr na lìge le sia puingean is An Gearasdan, Ceann a' Ghiùthsaich is Ceann Loch Seile uile air an cùlaibh le ceithir, is iad cuideachd air geama nas lugha a chluich.

    Rinn An Gearasdan a' chùis air Caol Bhòid 2-1 Disathairne is 's e 2-1 a bh' ann cuideachd do Cheann a' Ghiùthsaich an aghaidh Chabar Fèidh.

    Bha ceist air cuid mun cho-dhùnadh gus buille-peanais a thoirt do Kings anmoch sa gheama.

    Faodaidh sibh fhèin co-dhùnadh às dèidh sùil a thoirt air a' bhideo gu h-àrd.

    'S e 2-1 a bh' ann do Cheann Loch Seile cuideachd an aghaidh Loch Abair, is am manaidsear aca Uilleam MacRath ag aideachadh gun robh glè bheag eadar na sgiobaidhean.

    Sa gheama eile rinn Camanachd an Òbain a' chùis 3-1 air Caol-Gleann.

    Ann an Lìog Tuath 2 bha fìor dheagh là a-rithist aig Camanachd Leòdhais, a thill bho a bhith 3-1 air dheireadh gus a' chùis a dhèanamh air Cill Mhàilidh 4-3.

    Tha ceithir puingean aig na Leòdhasaich bhon dà gheama aca gu seo is iad air tòiseachadh gu làidir fo stiùir Donnie MhicRath is Connor Chalmers.

    Bha sgiobaidhean na Prìomh Lìge nan tàmh ann an iomain nam ban ach bha trì geamaichean san Lìog Nàiseanta.

    Rinn Bàideanach an gnothach 6-0 air Gleann Garadh, 's e 5-2 a bh' ann do dh'Inbhir Aora an aghaidh Obar Dobhair, is 4-2 do Shrath Ghlais an aghaidh Shrath Spè.

  17. Cead SFA do dh'Inbhir Ghòrdainair fhoillseachadh aig 11:19 GMT 20 Am Màrt

    Dh'innis Club Ball-Coise Inbhir Ghòrdain gu bheil iad air na ceumanan a choileanadh gus Cead SFA aig Ìre Entry fhaighinn.

    Bhiodh seo a' ciallachadh gum biodh cead aca cluich ann an Lìog na Gàidhealtachd.

    Bhuannaich an cluba Lìog Chailleannach a' Chinn a Tuath, taobh a-muigh bho chionn grunn sheachdainean.

    Gu seo cha robh Cead Entry ach aig Golspie Sutherland ann an Lìog Chailleannach a' Chinn a Tuath.

    Chan eil Cead Entry aig gin de na clubaichean ann an Lìog Cheann a Tuath na h-Alba, an lìog eile a fo Lìog na Gàidhealtachd.

    Tha Inbhir Ghòrdain air sreath de leasachaidhean a dhèanamh aig an dachaigh aca, na Recreation Grounds, anns na mìosan mu dheireadh ann an oidhirp Cead Entry fhaighinn.

    Bha oifigich bhon SFA ann an Inbhir Ghòrdain an t-seachdain seo gus sgrùdadh a dhèanamh is thuirt an cluba gun deach innse dhaibh gu bheil iad air a h-uile ceum a choileanadh.

    Ma tha Cead Entry aig a' chluba a bhuannaicheas Lìog Chailleannach a' Chinn a Tuath, fo na riaghailtean, bhiodh geamaichean play-off ann airson cothrom a thoirt dhaibh a dhol suas gu Lìog na Gàidhealtachd.

    Leis nach eil Cead Entry aig clubaichean Lìog Cheann a Tuath na h-Alba, rachadh Inbhir Ghòrdain dìreach gu play-off an aghaidh na sgioba a chrìochnaicheas aig bonn Lìog na Gàidhealtachd.

    An-dràsta 's e Rathais a tha sin.

    Tha mì-chinnt ann ge-tà, a thaobh cò mheud sgioba a bhios ann an Lìog na Gàidhealtachd an ath-sheusan is Brora Rangers is Brechin City ann an rèis airson a dhol suas gu Lìog na h-Alba, agus Brechin gu bhith a' gluasad gu Lìog ùr na Galldachd an Ear mura faigh iad suas.

    Dh'fhaodadh fhathast mar sin gum faigh Inbhir Ghòrdain àite ann an Lìog na Gàidhealtachd às aonais play-off a chluiche.

  18. Spòrscast: Seusan ùr na h-iomainair fhoillseachadh aig 08:01 GMT 19 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    San Spòrscast as ùire tha Somhairle MacDhòmhnaill agus Eòghan MacAoidh Stiùbhart a' beachdachadh air seusan ùr na h-iomain. Am measg a' chòmhraidh aca, thog iad air cò bhios làidir aig ceann Prìomh Lìog nam Fear, Loch Abar agus Caol-Gleann a tha air gluasad suas bhon Lìog Nàiseanta, agus cò dh'fhaodadh a bhith an an cunnart aig bonn chùisean!

    Cluinnear an Spòrscast gu lèir an seo.

  19. ICT a' gluasad trì puingean air thoiseachair fhoillseachadh aig 11:19 GMT 18 Am Màrt

    Ghluais Caley Thistle Inbhir Nis trì puingean air thoiseach aig mullach Lìog 1 às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Ceann Phàdraig 3-1 oidhche Mhàirt.

    Chuir Chanka Zimba Caley Thistle air thoiseach aig Pàirce Caledonian mus d' fhuair Jordan Alonge an dàrna tadhail aca ro leth-ùine.

    Fhuair Zimba tadhal eile tràth san dàrna leth airson ICT a chur ann an suidheachadh nas comhurtaile buileach.

    Fhuair Kieran Shanks tadhal air ais do Cheann Phàdraig ach cha d' fhuair iad càil nas fhaisge agus 's iad Caley Thistle a thog na puingean.

    Tha sin gam fàgail a-niste trì puingean air thoiseach air Stenhousemuir aig a' mhullach is seachad geamaichean den t-seusan air fhàgail.

    Cluichidh ICT Disathairne air falbh bhon taigh an aghaidh Alloa, a tha an-dràsta san treasa àite san lìog.