Cead SFA do dh'Inbhir Ghòrdain

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Club Ball-Coise Inbhir Ghòrdain gu bheil iad air na ceumanan a choileanadh gus Cead SFA aig Ìre Entry fhaighinn.

Bhiodh seo a' ciallachadh gum biodh cead aca cluich ann an Lìog na Gàidhealtachd.

Bhuannaich an cluba Lìog Chailleannach a' Chinn a Tuath, taobh a-muigh bho chionn grunn sheachdainean.

Gu seo cha robh Cead Entry ach aig Golspie Sutherland ann an Lìog Chailleannach a' Chinn a Tuath.

Chan eil Cead Entry aig gin de na clubaichean ann an Lìog Cheann a Tuath na h-Alba, an lìog eile a fo Lìog na Gàidhealtachd.

Tha Inbhir Ghòrdain air sreath de leasachaidhean a dhèanamh aig an dachaigh aca, na Recreation Grounds, anns na mìosan mu dheireadh ann an oidhirp Cead Entry fhaighinn.

Bha oifigich bhon SFA ann an Inbhir Ghòrdain an t-seachdain seo gus sgrùdadh a dhèanamh is thuirt an cluba gun deach innse dhaibh gu bheil iad air a h-uile ceum a choileanadh.

Ma tha Cead Entry aig a' chluba a bhuannaicheas Lìog Chailleannach a' Chinn a Tuath, fo na riaghailtean, bhiodh geamaichean play-off ann airson cothrom a thoirt dhaibh a dhol suas gu Lìog na Gàidhealtachd.

Leis nach eil Cead Entry aig clubaichean Lìog Cheann a Tuath na h-Alba, rachadh Inbhir Ghòrdain dìreach gu play-off an aghaidh na sgioba a chrìochnaicheas aig bonn Lìog na Gàidhealtachd.

An-dràsta 's e Rathais a tha sin.

Tha mì-chinnt ann ge-tà, a thaobh cò mheud sgioba a bhios ann an Lìog na Gàidhealtachd an ath-sheusan is Brora Rangers is Brechin City ann an rèis airson a dhol suas gu Lìog na h-Alba, agus Brechin gu bhith a' gluasad gu Lìog ùr na Galldachd an Ear mura faigh iad suas.

Dh'fhaodadh fhathast mar sin gum faigh Inbhir Ghòrdain àite ann an Lìog na Gàidhealtachd às aonais play-off a chluiche.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte