Làmh an uachdair aig Brùra an Lìog na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 10:15 TSB 9 An Giblean
Tùs an deilbh, SNSGhabh Brora Rangers ceum mòr a dh'ionnsaigh Lìog na Gàidhealtachd a bhuannachadh oidhche Chiadain nuair a rinn iad an gnothach air Brechin City 2-1.
Chuir Seumas MacAnndrais Brùra air thoiseach bhon spot sa chiad leth is bha coltas dubhach air gnothaichean do Bhrechin nuair a chaidh Calvin Beattie a chur far na pàirce le beagan is 20 mionaid air fhàgail.
A dh'aindeoin sin, bha Fir na Callaid co-ionnan às dèidh 80 mionaid le tadhal bho Mitch Taylor.
Ach le dìreach diogan air fhàgail, chuir Connall Ewan am ball dhan lìon do Bhrùra is e air faileachadh air Brechin breab-saor a chlearadh.
Cead do stuth X?
Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.
Chrìochnaich e 2-1 is Brùra is Brechin a-nise co-ionnan aig mullach na lìge air 74 puingean ach na Cataich air thoiseach air tadhail.
Thèid Brùra a Hunndaidh Disathairne air an là mu dheireadh is Brechin air falbh an aghaidh Turra.
Bidh an sgioba a bhuannaicheas an lìog a' cluich play-off an aghaidh na sgioba a thogas Lìog na Galltachd.
Aig an ìre seo tha sin eadar Bruach Chluaidh, Bonnyrigg, is Gleann Iucha.
Bidh an sgioba a thig às a' phlay-off an aghaidh na sgioba a bhios aig bonn Lìog 2 is a h-uile coltas ann gur e Edinburgh City a bhios ann.












