Spòrs

Latest updates

  1. Cupa ABC le Athsair fhoillseachadh aig 08:42 TSB

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Na tadhail bho chuairt dheireannach Chupa ABC

    Thog Athletic Steòrnabhaigh a' chiad dhuais den t-seusan ann an Leòdhas is na Hearadh nuair a rinn iad an gnothach 2-1 air an Taobh Siar gus Cupa ABC a bhuannachadh.

    Ged a bha Kenny Mitchell air an Taobh Siar a chur air thoiseach tràth, thàinig Aths air ais is tadhail bho Luke Moireasdan is Aonghas Moireach a' buannachadh a' chupa dhaibh.

    Bha dà gheama lìge air a bhith ann oidhche Haoine: bhuannaich an Rubha 2-1 anns na Hearadh agus 's e 2-1 a bh' ann cuideachd do Chàrlabhagh an aghaidh nan Loch.

    Oidhche Luain bidh Cupa Eilean an Fhraoich a' tòiseachadh.

    Bidh Nis an aghaidh an Rubha, Càrlabhagh an aghaidh an Taobh Siar, is na Lochan an aghaidh na Hearadh.

    Fhuair Lìog Uibhist is Bharraigh gu dol thairis air an deireadh-sheachdain agus sa gheama mhòr fhuair Saints an Ìochdair dìoghaltas air Barraigh.

    Seachdain às dèidh do Bharraigh a' chùis a dhèanamh orra 4-0 gus Cupa Stailearan Bharraigh a thogail, rinn Saints an gnothach an turas seo 5-1.

    Anns na geamaichean eile rinn Èirisgeigh a' chùis 5-0 air Uibhist a Tuath agus 's e 9-2 a bh' ann do Bheinn na Faoghla an aghaidh Southend.

    Cha robh ach aona gheama ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd air an deireadh-sheachdain ach bha tadhail gu leòr ann is Malaig a' buannachadh 6-5 an aghaidh a' Ghearasdain.

  2. Ceann a' Ghiùthsaich "nan smàl" a-rithistair fhoillseachadh aig 08:23 TSB

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Aithris air a' gheama Lòbhat is Ceann a' Ghiùthsaich

    Thuirt manaidsear Lòbhat gun robh Ceann a' Ghiùthsaich "nan smàl" às dèidh dhaibh ochd tadhal a chur seachad air an sgioba aige san iar-chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais.

    Thàinig na tadhail sin uile sa chiad leth - agus seachdain às dèidh do Cheann a' Ghiùthsaich 17 a chur seachad air Caol Bhòid.

    "Chluich Ceann a' Ghiùthsaich sàr-iomain ach dh'iarr mi air na balaich againn aig lethach slighe beagan spiorad a shealltainn is fhuair mi sin bhuapa san dàrna leth," thuirt Iain MacNeacail.

    Bidh Kings an aghaidh nan nàbaidean aca Baile Ùr an t-Slèibh sa chuairt dheireannaich ach bha geama gu math nas dorra acasan aig Caisteal Leòid.

    Ged a bha am Baile Ùr air thoiseach 2-0 is 3-2 air Cabar Fèidh - thill Cabers gach turas is an geama a' dol gu buillean-peanais air a' cheann thall.

    Bha 18 dhiubh sin ann mus deach am Baile Ùr air adhart 3-2.

    Aig deas bidh Camanachd an Òbain an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal sa chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach.

    Bha e furasta gu leòr do sgioba an Òbain an aghaidh Inbhir Aora aig Mossfield is iad a' dol air adhart 6-1.

    Bha Caol-Gleann 2-0 air thoiseach air GMA ann an Gleann Da-Ruail is iad ag amas air a' chuairt dheireannach a ruighinn 'son a' chiad air.

    Thill GMA ge-tà le trì tadhail ann an còig mionaidean gus a' chùis a dhèanamh 3-2.

    Bha aona gheama sa Phrìomh Lìog is An Gearasdan a' buannachadh 3-0 an aghaidh Chaoil Bhòid.

    Agus tha Camanachd Leòdhais ann an iar-chuairt dheireannach 'son a' chiad uair a-riamh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Tatha is For 4-1 ann an Dùn Èideann.

    Bidh na Leòdhasaich is Loch Carran a-nise a' strì 'son àite sa chuairt dheireannaich de Chupa a' Chinn-chinnidh.

    Là math do Chean Loch Seile is na Sgitheanaich

    Ann an iomain nam ban tha oidhirp Loch Abair greim a chumail air tiotal na Prìomh Lìge cha mhor seachad mar-thà.

    Chaill na h-Abraich 4-1 aig an taigh Didòmhnaich is Ceann Loch Seile cus ro mhath dhaibh.

    'S i Lorna NicRath a fhuair na tadhail uile aig Ceann Loch Seile is iadsan a-nise dìreach dà phuing air dheireadh air Bàideanach a th' aig mullach na lìge.

    Tha na Sgitheanaich cuideachd gu mòr an sàs san rèis aig a' mhullach.

    Thug iadsan droinneadh 10-0 air Inbhir Nis aig Pàirc a' Bhucht.

    Thàinig còig de na tadhail sin bho Sarah Yoxon.

    Tha geama mòr a-nise san amharc is na Sgitheanaich is Ceann Loch Seile gus coinneachadh aig Pàirc nan Laoch Disathairne seo tighinn.

  3. Hearts ag amas air an SWPL: "Tha a h-uile sìon nan làmhan fhèin"air fhoillseachadh aig 10:46 TSB 22 An Cèitean

    Eva Olid Tùs an deilbh, SNS

    Seachdain às dèidh briseadh-cridhe do Hearts ann am Prìomh Lìog nam fear, tha boireannaich Tynecastle ag amas air a dhol ceum nas fhaide agus eachdraidh a dhèanamh dhaibh fhèin le Prìomh Lìog nam ban a bhuannachadh.

    Chan eil Hearts gu seo riamh air an fharpais a thogail.

    Tha na Jambos a' dol a-steach dhan gheama mu dheireadh Didòmhnaich dà phuing air thoiseach air Rangers.

    Leis gun robh làmh an uachdar aig Hearts an aghaidh Rangers anns na geamaichean eatorra air an t-seusan, gheibheadh iad an tiotal nam biodh na sgiobaidhean a' crìochnachadh co-ionnan air puingean.

    Tha sin a' ciallachadh gun dèanadh puing an gnothach do Hearts an aghaidh Hibs aig Meadowbank, ge bith dè thachras eadar Glasgow City is Rangers.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, thuirt Màiri Anna Chaimbeul gur e sàr chothrom a tha seo, ged nach bi e furasta.

    "Na nàimhdean aca Hibernian, cha bhi iadsan ag iarraidh gum bi cothrom sam bith aig Hearts seo a bhuannachadh is mar sin bidh geama gu math duilich romhpa.

    "Ach tha làn fhios aca gu bheil a h-uile sìon nan làmhan fhèin agus gu bheil cothrom air leth aca.

    "A' tighinn sìos dhan gheama mu dheireadh a-rithist, 's e sgeulachd inntinneach a th' ann a-rithist airson geama nam ban ann an Alba."

    Chìthear Hibs an aghaidh Hearts beò air BBC ALBA Didòmhnaich bho 1f.

  4. Adhartas do dh'Inbhir Aora san Òbanair fhoillseachadh aig 07:25 TSB 21 An Cèitean

    Tha Inbhir Aora suas dhan cheathramh àite san Lìog Nàiseanta san iomain às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Ceiltich an Òbain 5-1 oidhche Chiadain.

    Chuir tadhail bho Fhriseal Watt (2) is Colla MacAoidh Inbhir Aora 3-0 air thoiseach taobh a-staigh leth-uair a thìde aig Mossfield.

    Ged a fhreagair Donnchadh MacEòghainn do sgioba an Òbain ro lethach slighe, chuir Friseal Watt dà thadhal a bharrachd san dàrna leth is an geama a' crìochnachadh 5-1.

    Ged a tha Inbhir Aora a-nise sa cheathramh àite, tha Gleann Urchadain is Lòbhat pìos air thoiseach air càch aig mullach na lìge.

    Bidh Inbhir Aora air ais aig Mossfield Disathairne is dùil ri dùbhlan gu math nas motha bho Chamanachd an Òbain san iar-chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach.

  5. Buaidh do Chaol Àcainn an darbaidh ùr na drochaidair fhoillseachadh aig 07:44 TSB 20 An Cèitean

    Dh'èirich Caol Àcainn far bhonn Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach 2-1 air na nàbaidhean aca Loch Aillse.

    'S e seo a' chiad turas a bha iad air coinneachadh ann an geama farpaiseach bho chaidh sgioba ùr Loch Aillse a stèidheachadh.

    'S e Eàirdsidh MacÌlliosa a chuir an dà thadhal aig Caol Àcainn is Ryan Grannd air an targaid do Loch Aillse.

    Tha Loch Aillse a-nise aig bonn na lìge is iad air na còig geamaichean aca gu seo a chall.

    Tha Caol Àcainn aon àite os on cionn air trì puingean.

  6. Sguad na h-Alba aig Cupa na Cruinne 2026air fhoillseachadh aig 17:20 TSB 19 An Cèitean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Dè tha Alasdair MacIllinnein, neach-aithris BBC RnG aig Cupa na Cruinne 2026, a' dèanamh de cho-dhùnaidhean Steve Clarke mun sguad aige airson na farpais?

  7. Dàil air obair-leasachaidh aig Pàirc na Banrighair fhoillseachadh aig 09:19 TSB 19 An Cèitean

    Megan Keith, Ken Gowans, Craig Robertson is James Martin aig Pàirc na Banrigh.Tùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd

    Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil dàil suas ri mìos gu bhith air obair-leasachaidh aig Pàirc na Banrigh ann an Inbhir Nis.

    Chaidh cùmhnant £650,000 a thoirt dhan chompanaidh Allsports gus an traca-ruith aig a' phàirc ùrachadh.

    Bha cuirm aig Pàirc na Banrigh an t-seachdain seo chaidh is an cleasaiche ionadail Megan Keith am measg na bha an làthair gus fàilte a chur air an obair.

    Bha dùil gun tòisicheadh Allsports air an leasachadh ro dheireadh a' Chèitein is gum biodh e dèanta ro dheireadh an t-samhraidh.

    Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nise ag ràdh gu bheil dùbhlain air a bhith aig Allsports stuthan fhaighinn.

    Thuirt iad gu bheil dùil gun tòisich an obair uaireigin san Ògmhios.

    Tha Harriers Inbhir Nis, a bha air gluasad a-mach às an traca is iad gus Àrd-sgoil Inbhir Nis a chleachdadh fhad 's a bha an obair a' dol, a-nise air tilleadh gu h-eadar-amail.

  8. Na Hearadh is Am Bac troimhe an Cupa Leòdhaisair fhoillseachadh aig 08:04 TSB 19 An Cèitean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Am Bac a' dèanamh a' chùis air an Rubha air breaban-peanais. Dealbhan bho Island Footie.

    Bidh Am Bac an aghaidh Na Hearadh sa chuairt dheireannaich de Chupa Leòdhais is an dà sgioba air buannachadh oidhche Luain.

    Bha cùisean gu math teann ann an Col Uarach eadar na seann nàimhdean Am Bac is An Rubha.

    Chuir Aonghas Dòmhnallach na Rubhaich air thoiseach às dèidh 24 mionaidean ach dh'fhàg tadhal bho Louie Dòmhnallach dìreach ro lethach slighe na sgiobaidhean co-ionnan 1-1.

    Bha an dearbh phàtran ann san dàrna leth is Aonghas Dòmhnallach air an targaid tràth airson nan Rubhach mus do fhreagair Elliot MacEanraig airson a' Bhac le 67 mionaid air an cluich.

    'S e 2-2 a bh' ann aig deireadh nan 90 mionaidean agus às dèidh ùine a bharrachd.

    Air a' cheann thall shoirbhich Am Bac air breaban-peanais 4-2 is iad troimhe dhan chuairt dheireannaich.

    Thòisich na Hearaich gu làidir an aghaidh An Taobh Siar ann am Barbhas le breab-peanàis tràth sa gheama bho Anndra Moireasdan.

    Ged a chuir Ali MacLeòid tadhal dhan Taobh Siar, bha làmh an uachdair aig na Hearaich is tadhail bho Ahmed Pandor is Connor MacLeòid gam fàgail 3-1 air thoiseach aig lethach slighe.

    Ged a fhuair AJ Moireasdan tadhal air ais dha na Siaraich san dàrna leth cha robh an còrr thadhal ann às dèidh sin is an geama a' crìochnachadh 3-2.

    Na Hearaich air ais sa chuairt dheireannaich far am bi iad an dòchas a dhol ceum nas fhaide na rinn iad an-uiridh.

    Bidh a' chuairt dheireannach sin ann Disathairne an 13mh den Ògmhios.

    Tha aon gheama ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt is Caol Àcainn a' cur fàilte air Loch Aillse.

    Chan eil geamaichean idir a' dol ann an Uibhist is Barraigh.

    'S dòcha gu bheil am pàrtaidh a' leantainn ann am Barraigh ge-tà, is sgioba an eilein air Chupa Stailearan Bharraigh a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain.

    Rinn na Barraich a' chùis 4-0 air Saints an Ìochdair is na tadhail a' tighinn bho Sheumas Davidson, AJ MacNeacail, Steafan Davidson is Mata Davidson.

  9. Scott Hastings - "fear de na cluicheadairean a b' fheàrr a bh' aig Alba riamh"air fhoillseachadh aig 13:44 TSB 18 An Cèitean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ùisdean MacIllinnein a' dèanamh luaidh air Scott Hastings

    Tha saoghal an rugbaidh air a bhith a' dèanamh luaidh air Scott Hastings a chaochail Didòmhnaich aig aois 61.

    Chluich Hastings 65 geama do dh'Alba is e na phàirt den sgioba a bhuannaich Grand Slam ann an 1990.

    Bha e dà thuras cuideachd air chuairt le Leòmhainn Bhreatainn.

    Chluich e tòrr mòr de na geamaichean sin còmhla ri a bhràthair Gavin.

    Às dèidh dha sguir a chluich, chaidh e an sàs ann an craoladh is rinn e tòrr a thaobh chathrannasan slàinte-inntinn còmhla ri a bhean Jenny, a chuir làmh na beatha fhèin ann an 2024 às dèidh dhi a bhith bliadhnaichean a' fulang le trom-inntinn.

    Bha Scott Hastings fhèin air a bhith a' fulang le aillse anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt Ùisdean MacIllinnein gur e sàr chluicheadair a bh' ann an Scott Hastings is gun robh urram is spèis aig mòran dha mar dhuine.

  10. Là math eile dhan Bhaile Ùr is Ceann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 07:36 TSB 18 An Cèitean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Na tadhail bhon gheama eadar am Baile Ùr is Ceann Loch Seile

    Ghluais Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich nas fhaide air thoiseach air a' chòrr ann am Prìomh Lìog nam fear san iomain às dèidh dhaibh ri chèile buannachadh gu cofhurtail air an deireadh-sheachdain.

    Rinn am Baile Ùr a' chùis 3-0 air Ceann Loch Seile aig Rèaraig is na tadhail a' tighinn bho Brodie MacBheathain is dà bhuille-peanais bho Steafan Dòmhnallach.

    Tha am Baile Ùr a-nis air ochd a-mach à ochd a bhuannachadh san lìog is iad ann an suidheachadh làidir.

    Tha Ceann a' Ghiùthsaich san dàrna àite is iadsan air droinneadh uabhasach a thoirt air Caol Bhòid 17-0.

    Chuir Ruairidh MacAnndrais 5, Roddy Young 4, Dylan Borthwick is Savio Genini ri chèile 3 is thàinig na tadhail eile a' tighinn bho Thòmas Borthwick is Zander Michie.

    Ged 's e sgioba lag a bh' aig Caol Bhòid air an là bidh na h-uimhir de cheistean ann air ciamar dìreach a chaill iad san dòigh seo.

    Thuit Camanachd an Òbain nas fhaide air dheireadh air fuamhairean Bhàideanach nuair a chaidh an cumail 0-0 le Camanachd an Eilein Sgitheanaich.

    'S e a' chiad phuing den t-seusan a bh' ann dha na Sgitheanaich is togail dhaibhsan às dèidh do Choinneach MacLeòid seasamh sìos mar mhanaidsear an t-seachdain seo chaidh.

    'S e puing an urra a bh' ann cuideachd eadar Loch Abar is An Gearasdan is iad a' crìochnachadh 2-2, is thog Cabar Fèidh na puingean 4-0 sa gheama acasan an aghaidh Chaol-Gleann.

    Ann an Lìog Tuath 2 bha fìor dheagh là aig na Leòdhasaich is iad air a' chùis a dhèanamh air Oilthigh Obar Dheathain le tadhal bho Lewis MacLeòid.

    Ann an iomain nam ban leig Bàideanach puing às 'son a' chiad turas am-bliadhna is iad a' crìochnachadh 2-2 an aghaidh nan Sgitheanach ann am Port Rìgh.

    Chuir Sarah Yoxon na h-eileanaich air thoiseach dà thuras ach fhuair Hope Borthwick na tadhail air ais a ghlèidh puing dha Bàideanach.

    Tha seo gam fàgail fhathast ceithir puingean air thoiseach aig mullach na lìge.

  11. Manaidsear nan Sgitheanach air seasamh sìosair fhoillseachadh aig 11:06 TSB 15 An Cèitean

    Pàirc nan Laoch

    Tha Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' sireadh manaidseir ùir is e air tighinn am bàrr gu bheil Coinneach 'Barlow' MacLeòid air seasamh sìos.

    Thill Mgr MacLeòid gu obair a' mhanaidseir aig Pàirc nan Laoch airson an dàrna turas sa Ghiblean an-uiridh.

    Thàinig piseach mòr air suidheachadh na sgioba às dèidh sin is iad a' sreap na lìge.

    Bha dòchas ann gum b' urrainn dhaibh togail air sin am-bliadhna is a bhith a' farpais 'son nan duaisean.

    Chan eil cùisean thuige seo air a dhol mar bu mhiann leotha ge-tà, is iad aig bonn na Prìomh Lìog gun puing fhaighinn no fiù 's tadhal a chur gu seo, is iad cuideachd air a dhol a-mach à Cupa MhicThàmhais.

    Tha na Sgitheanaich air a bhith as aonais chluicheadairean cudromach tric gu seo is iad cuideachd mì-fhortanach an lìog a thòiseachadh le geamaichean an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich.

    Ann an aithris aig Alasdair Bruce sa P&J, taobh a-muigh, thuirt Mgr MacLeòid gu bheil an obair làitheil aige air fàs nas trainge agus eadar sin agus uallach na h-iomain gun robh e a' call a-mach air ùine leis an teaghlach aige.

    Thuirt e gun robh an dà speil aige mar mhanaidsear air còrdadh ris gu mòr.

    Thathar a' tuigsinn gur iad Dàibhidh Taylor is Iain Urchadain a bhios os cionn na sgioba airson a' gheama an aghaidh Camamachd an Òbain Disathairne.

  12. An rèis son tiotal na Prìomh Lìge sna buillean mu dheireadhair fhoillseachadh aig 16:32 TSB 13 An Cèitean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha farsaingeachd de dh'fhaireachdainnean am measg luchd-leantainn Hearts agus Celtic le dìreach dà gheama air fhàgail de sheusan na lìge.

    'S urrainn do Hearts an lìog a bhuannachadh airson a' chiad turas bho 1960 ma nì iad a' chùis air an Eaglais Bhreac aig Tynecastle oidhche Chiadain agus ma chailleas Celtic ri Tobar na Màthar.

    Ma chrìochnaicheas an dà gheama ann an dòigh sam bith eile, thèid e sìos chun an là mu dheireadh, Disathairne, nuair a chluicheas Celtic an aghaidh Hearts ann an Glaschu.

    Chuala sinne bho Sammie Mac an Tòisich (Hearts) agus Ruairidh MacCarmaig (Celtic) mu mar a tha iad a' faireachdainn is an rèis airson an tiotail aig àrd an teasaich.

  13. Barraigh sa chuairt dheireannaichair fhoillseachadh aig 07:56 TSB 13 An Cèitean

    Chaidh Barraigh air adhart gu cuairt dheireannach Chupa Stailearan Bharraigh oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach 3-2 air Uibhist a Tuath.

    Bha Barraigh air thoiseach 2-0 aig lethach slighe mus do thill Uibhist a Tuath gu 2-2 san dàrna leth.

    'S e tadhal anns na diogan mu dheireadh bho AJ MacNeacail a bhuannaich an geama do Bharraigh.

    Bidh iad a-nise an aghaidh Saints an Iochdair sa chuairt dheireannaich Disathairne.

    Cuideachd oidhche Mhàirt, ghluais Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich suas dhan dàrna àite ann an Liog Thaobh Siar na Gàidhealtachd nuair a rinn iad a' chùis air Caol Àcainn 4-1.

    Chuir Ailig Dòmhnallach an Iar Thuath air thoiseach is dh'fhàg tadhal bho Gus Dòmhnallach gur e 2-0 a bh' ann aig lethach slighe.

    Chuir Eoghainn Greumach an treas tadhal is ged a fhuair Keith MacCoinnich fear air ais do Chaol Àcainn, dh'fhàg tadhal eile bho Gùs Dòmhnallach gun do chrìochnaich an geama 4-1.

  14. Obair ùr dha Donaidh Foirbeis aig Countyair fhoillseachadh aig 16:34 TSB 12 An Cèitean

    Donaidh Forbeis

    Tha Ross County air Donaidh Foirbeis ainmeachadh mar Cheannard Dàta agus Fastaidh.

    'S ann à Inbhir Nis a tha Donaidh bho thùs is tha e air a bhith an sàs ann an dàta agus ann an scoutadh ann am ball-coise fad grunn bhliadhnaichean.

    Tha e air obair a dhèanamh aig diofar ìrean 'son Chaley Thistle, Hearts, Queen's Park, Colchester United, agus Hibs.

    Tha Donaidh, aig a bheil Gàidhlig, anns na bliadhnaichean mu dheireadh cuideachd air a bhith an sàs ann an FC Sonas agus Alba FA.

    Thuirt County gu bheil na ceanglaichean làidir Gàidhealach aig Donaidh a' ciallachadh gu bheil tuigse aige air cho cudromach 's a tha e do chlubaichean a bhith freumhaichte sa choimhearsnachd, ach aig an aon àm a bhith a' cur dòighean-obrach is bun-structar ùr an sàs.

    "Thuig sinn mar chluba gum feum sinn na dòighean againn atharrachadh," thuirt CEO Chounty, Steven Fearghasdan.

    "Tha mi air a bhith a' còmhradh ri Donaidh fad bliadhna air mar as urrainn dhuinn mar chluba dàta a chleachdadh.

    "'S e ceum mòr a th' ann dhuinn Donaidh fhaighinn a-steach agus tha fiosam gun obraich e gu dlùth ris a' mhanaidsear gus piseach a thoirt air cùisean air feadh a' chluba.

    Dhearbh County gu bheil an t-àrd scout a bh' aca ann an Alba, Stuart Millar, a-nise air an cluba fhàgail.

    Tha an ceannard fastaidh a bh' ann, Greg Strong, cuideachd air falbh.

    Bidh Strong a-nise ag obair aig Oldham Athletic.

  15. Ceithir troimhe ann an Cupa Leòdhaisair fhoillseachadh aig 09:26 TSB 12 An Cèitean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Rinn an Rubha a' chùis air Athletic Steòrnabhaigh 2-1

    Chaidh am Bac, na Hearadh, an Rubha is an Taobh Siar uile troimhe dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Leòdhais oidhche Luain.

    'S e 3-1 a bh' ann dhan Bhac an aghaidh Chàrlabhaigh is an dà thadhal a bhuannaich an geama dhaibh a' tighinn anns na mionaidean mu dheireadh.

    'S e seo an treas turas am-bliadhna a tha na Bacaich air a' chùis a dhèanamh air Càrlabhagh.

    Bha e faisg cuideachd ann an Garrabost far an do rinn an Rubha an gnothach 2-1 air Aths.

    'S e breab-peabais bho Josh Mac a' Ghobhainn le ochd mionaidean air fhàgail a ghlèidh an geama dha na Rubhaich agus Aths a' call 'son a' chiad uair air an t-seusan seo.

    Tha na tadhail bhon gheam sin ri fhaicinn gu h-àrd.

    Bha an dà gheama eile gu math nas chofhurtail - na Hearadh a' buannachadh 7-0 an aghaidh United is An Taobh Siar a' cur seachd seachad air na Lochan cuideachd.

    Tha seo a' fàgail gum bi na geamaichean san iar-chuairt dheireannaich mar a leanas:

    • An Taobh Siar - Na Hearadh

    • Am Bac - An Rubha

    Bidh na geamaichean ann Diluain seo tighinn (18/05).

    Ron sin bidh aona gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt is Caol Àcainn a' cur fàilte air Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich.

    Tha geama mòr cuideachd ann an Cupa Stailearan Bharraigh oidhche Mhàirt is Uibhist a Tuath a' dol an aghaidh Bharraigh aig Pàirc an Eilein Duirche.

    Innsidh an geama seo cò thèid an aghaidh Saints an Iochdair sa chuairt dheireannaich.

  16. Ball-coise ionadailair fhoillseachadh aig 09:17 TSB 6 An Cèitean

    'S iad an Gearasdan a rinn a' chùis san aon gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt.

    Ged a bha iad fhèin is Caol Àcainn co-ionnan 1-1 aig lethach slighe, 's iad na h-Abraich a thàinig am bàrr san dàrna leth is iad a' soirbheachadh 3-1.

    'S e seo a' chiad gheama a tha an Gearasdan air buannachadh air an t-seusan seo is tha e gan togail os cionn Chaoil Àcainn san lìog.

    Bha tadhail gu leòr ann an Uibhist oidhche Mhàirt cuideachd is Èirisgeigh a' dèanamh a' ghnothaich 6-4 air Southend ann an Cupa Stailearan Bharraigh.