"Tha sinn dìreach ag iarraidh rudeigin a th' aig a h-uile duine eile"
Tha iomairt a' dol ann am Muile gus talla ùr spòrs a thogail san eilean.
Ged a thathar a' cluich spòrs ann an cuid de na tallaichean baile ann am Muile, tha iad seo ro bheag airson cuid de gheamannan.
Tha na Muilich ag ràdh gur e an aon eilean mòr a th' ann aig nach eil goireas den t-seòrsa seo.