Main content

Cuimhneachain air Morair MacAoidh Chlais Feàrna, Coille Chùil Beinne am Moireabh, agus ceòl is fasan 1976

'S iomadh cuspair air a bheil Cathy NicDhòmhnaill a' toirt sùil air Naoi gu Deich. Cathy MacDonald presents on topics from Moray's Culbin Forest, to the music and fashion of 1976.

’S e fear-lagha ainmeil ann am Breatainn a bh' ann an Seumas MacAoidh, Morair MacAoidh Chlais Feàrna, nach maireann. Tha Ruairidh Iain MacLeòid agus an t-Urr. Aonghas Moireasdan iad fhèin a' cuimhneachadh air fear a thug buaidh air leth mòr air obair-lagha.

Cluinnidh sinn cuideachd mu Choille Chùil Beinne ann am Moireabh, le Ruairidh MacIlleathain, far an deach seallaidhean den fhiolm ùr aig Christopher Nolan, "The Odyssey", a chlàradh.

Agus 's e sùil air 1976 a th' againn cuideachd air a' phrògram: eadar fasan, cuide ri Cairistìona Cheanadach, Rosemary Ward, is Iain MacIlleMhìcheil; agus ceòl le Calum Màrtainn, a tha a' toirt dhuinn a thaghadh fhèin air fear de na clàran ciùil as ainmeile agus as fheàrr a nochd o chionn 50 bliadhna.

28 days left to listen

57 minutes

Broadcasts

  • Thursday09:00
  • Thursday22:55