Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,03 Jun 2026,87 mins

A bheil gnìomhachas aoigheachd fhathast ann an staing?

Feasgar an-diugh

Available for 28 days

Tha cosgaisean cumhachd air a dhol cho àrd air sgàth cogadh na h-Ucràine, agus tha mòran a’ gabhail ceum air ais bho bhith a’ cosg uiread air biadh a-muigh. A bheil seo ag adhbhrachadh gu bheil an gnìomhachas aoigheachd fhathast ann an staing, no a bheil an fheadhainn a tha a’ ruith gnìomhachasan a’ faireachdainn boillsgeadh beag dòchais? Tha dithis a tha a’ ruith thaighean-bìdh ag innse mu na dùbhlain a tha mu choinneamh an gnìomhachas aoigheachd an-dràsta. Bhàsaich an neach-ciùil cliùiteach Sonny Rollins an t-seachdain sa chaidh aig aois 95. Aithnichte mar “The Colossus of Jazz Saxophone”, chaidh còrr is 60 clàr fhoillseachadh leis, sgrìobh e co-dhiù 45 pìos ciùil, agus rinn e ainm dha fhèin leis an stoidhle-cluiche innleachdach aige, far an cuireadh e a stampa shònraichte fhèin air pìosan ciùil. Tha ùidh mhòr aig Michelle NicNeacail ann an ceòl jazz, agus tha i ag innse tuilleadh mu dheidhinn. Dè cho fada sa bhiodh tu deònach siubhal airson cofaidh blasda aig ìre àrd a cheannach? A bheil prìs gu diofar dhut gus am faigh thu cofaidh a tha gu mòr a’ còrdadh riut? Tha dithis air a bheil meas mòr air an deoch ag innse cho cudthromach 's tha cofaidh dhaibh.

Programme Website
More episodes

Tracklist

  1. Track
    Artist
  2. 1.
    Higher Power
    Higher Power
    Coldplay
  3. 2.
    Ordinary
    Ordinary
    Alex Warren
  4. 3.
    Shape Of You
    Shape Of You
    Ed Sheeran