Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,07 May 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 27 days

Chaidh boma bhon Dàrna Cogadh a sprèidheadh ann am Plymouth Dihaoine sa chaidh. Ach carson a bhios cuid a dh'urchairean cogaidh a' maireachdainn cho fada gun sprèidheadh - is carson a bhios iad cho cunnartach a dh'aindeoin sin, nuair a thèid an lorg? Abair ceist bho Cathy don t-eòlaiche saidheans, Iain MacAonghais! 'S iomadh turas a bha Aonghas Mac a' Mhaoilein air an àrd ùrlar mar phàirt den chòmhlan Na Lochies, agus 's iomadh turas cuideachd a chuir e peann gu pàipear mar sgrìobhadair is mar bhàrd. Ach ann an leabhar ùr ga fhoillseachadh leis, Between The Echoes, tha e a' bruidhinn air a thogail air na Lochan an Leòdhas, croitearachd, fèin-aithne, saic-eòlas agus cianalas. Dè thug air a sgrìobhadh, is dè mar a tha e a' faireachdainn a-nise mu na cuspairean domhainn air a bheil e a' togail? 'S iad sin cuid dha na ceistean a th' aig Cathy is e na cuideachd a' bruidhinn air. Agus tha Catriona NicLeòid, a bhuineas do Nis ann an Leòdhas bho thùs, air a bhith a' fuireach an Glaschu bho bha i na deugaire. Bha i 90 na bu thraìthe am-bliadhna - is i cuideachd air a bhith air Byres Road san aon flat ‘s a robh i bho thùs, air an ùrlar as àirde dhen togalach. ‘S iomadh atharrachadh a chunnaic i air Byres Road thar nam bliadhna - agus cluinnidh sinn beagan den chòmhradh bho nuair a chaidh Mairianna NicChoinnich a-mach a chèilidh oirre.

Programme Website
More episodes