Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1404
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1404. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.
Last on
Yesterday13:55
BBC Radio nan Gàidheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1100
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1404
Duration: 05:05
Litir 1404: 'Lann'
Dè a’ Ghàidhlig a th’ air ‘laboratory’? Tha dà rud ann am faclairean an latha an-diugh – obair-lann agus deuchainn-lann. Tha obair a’ ciallachadh ‘work’. Agus ’s e sin bunait an fhacail laboratory ‘place of labour or work’. Tha deuchainn a’ ciallachadh ‘test, examination, trial, experiment’. Deuchainn-lann – a place for testing or experimentation.
Ach dè dìreach a tha an dàrna eileamaid lann a’ ciallachadh? O shean, bha lann a’ ciallachadh ‘enclosure’ no ‘enclosed land’. Tha am facal boireanta. Mar sin, bhiodh daoine ag ràdh gu traidiseanta ‘anns an lainn’ no ‘anns an loinn’, an àite ‘anns an lann’. Tha sin a’ fàgail ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd le loinn.
Tha eisimpleirean faisg air Inbhir Nis. Tha an Lainn Mhòr agus an Lainn Bheag faisg air a’ Mhòigh. Ann am Beurla, canaidh daoine Lynemore agus Lynebeg riutha.
Ann am Moireibh, faisg air Tom an t-Sabhail, tha Lynachork. Sin Lainn a’ Choirce ‘the enclosed field of the oats’. Cuideachd ann am Moireibh, faisg air Eilginn, tha Lhanbryde. Sin Lann Brìghde ‘St Bride’s enclosure or church’.
Anns an latha an-diugh, tha lann mar as trice, ann an còmhradh no litreachas, ceangailte ri facal no eileamaid eile. Tha e a’ ciallachadh ‘àite’ gu sònraichte ‘àite far a bheil rudeigin a’ tachairt’. Bidh sibh eòlach air leabharlann ‘library’. Mar as trice, bidh sinn a’ cur tàthan – no hyphen – ron eileamaid lann. Ach tha leabharlann air a sgrìobhadh mar aon fhacal, gun tàthan. Tha tasglann ‘archive’ coltach ri sin. Tha e air a sgrìobhadh mar aon fhacal, gun tàthan – mar a tha an seann fhacal iodhlann ‘corn yard’ a tha a’ tighinn bho iodh ‘corn’ agus lann. Tha iodh a’ nochdadh ann an Tiriodh (Tiree) – ‘land of corn’.
Tha arm-lann a’ ciallachadh ‘arsenal’. Tha amharc-lann a’ ciallachadh ‘observatory’. Tha lèigh-lann a’ ciallachadh ‘doctor’s surgery’. Agus math dh’fhaodte gum bi sibh eòlach airbiadh-lann ‘canteen, dining hall’.
Tha grunn eisimpleirean co-cheangailte ri beathaichean ann an seann fhaclair Dwelly. Mar eisimpleir, cearc-lann ‘henhouse’ no ‘poultry yard’ agus bò-lann ‘cow house, byre’. Tha beach-lann a’ seasamh airson ‘bee-hive’, tha fiadh-lann a’ ciallachadh ‘deer park’, agus ’s e gèadh-lann àite far an cumar geòidh.
Saoil an tuig sibh an fheadhainn a leanas? Suain-lann. Suain-lann. Càr-lann. Càr-lann.Long-lann. Long-lann. Broc-lann. Broc-lann. Agus sìol-lann. Sìol-lann.
Uill, seo na fuasglaidhean. Tha suain-lann a’ ciallachadh ‘dormitory’ – far am bi daoine a’ dol nan suain. Tha càr-lann a’ ciallachadh ‘carpark’. Long-lann? Uill, tha long a’ ciallachadh ‘ship’. Mar sin, ’s e long-lann ‘a dockyard’. Broc-lann ‘a badger’s den or sett’. Agus tha sìol-lann a’ ciallachadh ‘granary’, le sìol a’ ciallachadh ‘seed’.
Co-dhiù, mach à seo leam. Tha mi a’ dol a ghabhail srùbag anns a’ ghrian-lann!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Moireibh: Moray; Tom an t-Sabhail: Tomintoul; Eilginn: Elgin; Lann Brìghde: Lhanbryde; fuasglaidhean: solutions.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ’s e sin bunait an fhacail: that’s the basis of the word; dè dìreach a tha an dàrna eileamaid a’ ciallachadh?: what exactly does the second element mean?; tha an Lainn Mhòr agus an Lainn Bheag faisg air a’ Mhòigh: Lynemore and Lynebeg are near Moy; faisg air làimh: close at hand; mar as trice, ann an còmhradh no litreachas, ceangailte ri: usually, in conversation or literature, connected to; air a sgrìobhadh mar aon fhacal, gun tàthan: written as one word, without a hyphen; math dh’fhaodte gum bi sibh eòlach air: perhaps you will know; tha grunn eisimpleirean co-cheangailte ri beathaichean: there are several examples connected to animals; saoil an tuig sibh an fheadhainn a leanas?: do you understand the following?; co-dhiù, mach à seo leam: anyway I need to scarper [‘out of here with me’]; tha mi a’ dol a ghabhail srùbag anns a’ ghrian-lann: I’m going to have a cuppa in the conservatory.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: bhiodh daoine ag ràdh gu traidiseanta ‘anns an lainn’ no ‘anns an loinn’, an àite ‘anns an lann’: people would traditionally say ‘anns an lainn’ or ‘anns an loinn’, an àite ‘anns an lann’. The point here is that lann, as a feminine noun, traditionally slenderises in the dative or prepositional case (sometimes known as the locative). In turn, this slenderised form is retained in place names – thus An Loinn Mhòr rather than An Lann Mhòr.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: math dh’fhaodte gum bi sibh eòlach air: perhaps you will know/be familiar with.
Broadcast
- Yesterday13:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.