Main content

Am Bàgh a Tuath, Barraigh

Prògram à Tasglann Fàilte air a' Bhaile bho 1988 as a Bhàgh a Tuath ann am Barraigh le Mairead NicNèill. Radio nan Gàidheal's archive programme from in Northbay, Barra in 1988.

Tha Radio nan Gàidheal a dol dhan tasglann son an t-sreath Fàilte air a' Bhaile a thoirt thugaibh. Anns a' phrògram seo, bha Mairead NicNèill as a Bhagh a Tuath ann am Barraigh ann an 1988.
Bha Dòmhnall MacIlleathain, nach maireann, ag innse mu eachdraidh croitearachd na sgìre. Tha beartas òrain anns a' phrògram: ghabh Chrissie Mary NicDhòmhnaill Deoch Slàinte nan Gillean, shèinn Nan NicNèill nach maireann, a bha a còcaireachd anns an sgoil, Turas Mhicheal, agus bha sgoilearan na sgìre a' seinn Eòlaigearraidh, agus shèinn, agus chluich, Kristy NicFhioghnghuin agus Shona Chaimbeul Mo Nighean Donn Bhòidheach. Bha Mairead cuideachd a' còmhradh ri Raghnall MacFhionghuin nach maireann mun tràigh shrùbain is cuspairean eile, agus ri Dòmhnall Eoseph MacNèill mu na bha tachairt ann an Talla a Bhagh a Tuath. Bha Màiri NicFhionghuin ag innse mun obair a bha an cois a bhith ag ionnsachadh òrain is ceòl dhan fheadhainn òg.

20 days left to listen

26 minutes

Last on

Sun 14 Jun 202615:30

Music Played

  • Ronan Martin

    The Hen's March / The Model T / Isabelle Blackley

    • Road Home, The.
    • Highland Hospice Charity CD.
    • 1.

Broadcasts

  • Mon 8 Jun 202615:30
  • Wed 10 Jun 202620:30
  • Sun 14 Jun 202615:30