le Cathy NicDhòmhnaill
Ciamar a bhios tu a' dèiligeadh ri fiabhras-feòir? Cathy MacDonald and guests discuss how to deal with hayfever at this time of year.
An-diugh sa phrògram tha Cathy a' cluinntinn mu Cheòl air Feadh na Fèinne, pròiseact a' taisbeanadh seann sgeulachdan na Fèinne air an àrd-ùrlar ann an Inbhir Nis agus san t-Eilean Sgitheanach.
Cuideachd, cluinnidh sinn mu mar a tha stuthan ceimigeach bithbuan a' maireachdainn san àrainneachd - a dh'aindeoin is cho feumail is a tha iad airson panaichean air nach steig biadh, neo eadhon ann an cuid-aodaich. Ach dè na panaichean as fheàrr son còcaireachd co-dhiù, is a bheil e a' dèanamh cus diofar? Tha na còcairean Ailean MacRisnidh, Seonag Nic a' Ghobhainn, agus Lena NicIlleFhinnein a' cagnadh air a' chuspair.
Cha bheag na tha de dh'fheur a' fàs mu dheireadh thall sna h-achannan. Ach an cois sin, thig sriathardaich gu leòr - agus 's iomadh Gàidheal tha fulang le fiabhras-feòir. Tha Cathy a' bruidhinn ri triùir le sròinean a chuireas dragh orrasan mun àm sa dhen bhliadhna, is am feur a' fàs.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tuesday09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tuesday22:55BBC Radio nan Gàidheal
